Afro


Oidhche nam Filmichean eagalach

134Ok ma tha, `s e Dihaoine an 13mh a th’ ann an-diugh, latha gu eachdraidheil eagalach, agus leis na h-oidhcheannan a’ fàs nas giorra ’s nas dorcha, cha chreid mi gu bheil dad nas fheàrr ri dhèanamh a-nochd na bhith ur laighe fo plaide mòr blàth leis an teine air ’s na sòlas dheth a’ coimhead air filmichean cràite fhèin eagalach!

Ach dè am film eagalach as fheàrr? Tha na mìltean dhiù ann sna làitheansa. Feadhainn cianail fhèin uabhasach mar Saw agus Hostel agus feadhainn uabhasach ach do-chreidseanach mar Day of The Dead far am bithear a’ faicinn zombies a’ tighinn as ar dèidh no A Nightmare On Elm Street le Freddy Kruger. Cuideachd tha an fheadhainn clasaigeach ann. Filmichean mar na ‘Hammer Horrors’ agus na uilebheistean aig ‘Universal Studios’ mar Dracula, Frankenstein is eile, filmichean eagalach a’ chaidh air an dèanamh ann an fìor dheagh dhòigh. Tha filmichean eagalach ann cuideachd a tha ag obair air ar inntinn mar na filmichean aig Alfred Hitchcock, a’ cur na heebie jeebies oirnn gun uabhas sam bith. Tha filmichean èibhinn ann stèidhichte air eagal a-nis cuideachd (ma dh’fhaoidte gur iadsan na feadhainn ’s fheàrr leam!) mar Ghost Busters a tha rud beag eagalach ’s gu math spòrsail agus cuideachd tha an t-uabhas de filmichean atharrais ann a-nis mar Scary Movie agus Sean Of The Dead a’ dèanamh fealla-dha às na filmichean eagalach eachdraidheil.

135`S mar sin, tha mi a’ creidsinn, gu bheil film eagalach ann airson a h-uile duine sna làitheansa agus gu b’ e de cho furasta ’s a thèid an eagal a chur oirbh, tha film ann air ur son! Bidh faicealach ge-ta, nuair a tha sibh aig an taigh a-nochd, nur suidhe san dorchadas leis a’ ghaoth a sèideadh gu làidir seachad na h-uinneig - ma tha sibh a’ cluinntinn fuaim neònach a’ tighinn bhon chidsin, dèan cinnteach gur e a’ phiseag agaibh a th’ ann agus nach e Slimer, Freddy no Dracula a th’ ann a’ tighinn gad iarraidh!

Le RPP

 

131

132

133

135