Afro


Coldplay
– aig Pàirce Hampden

Saoilidh mi nach robh mi a-riamh ann am baile Ghlaschu gun a bhith toilichte. Ach 's ann ainneamh a bhios mi air bhoil agus craite leis an toilcheas cho mòr `s a bha mi dà sheachdainn air ais, `s mi a’ dol gu Pàirce Hampden gus a chòmhlan Coldplay fhaicinn.

Feumaidh mi a ràdh nach eil cuimhne sam bith agam nam bheatha air uair far nach robh an còmhlan seo a’ còrdadh rium, ach chan e a mhàin na tàlantan aca a thaobh ceòl a tha gam tharraing thuca. Airson bliadhnaichean tha Coldplay air an suidheachadh a chleachdadh gus gnothaichean cudromach an t-saoghal, mar eiseimpleir bochdainn, a thoirt gu aire dhaoine. Tha iad ceangailte ris a chatharnas Oxfam agus bha neach-riochdaichidh bhon chatharnas còmhla riutha airson a chuairt ‘Viva La Vida’ aca am bliadhna, le stuth Oxfam is billeagan air an toirt a-mach neo air an reic aig gach consairt.

Tha e foillseach nach mise an aon neach air a bheil gràdh mòr do Choldplay – thàinig 40,000 duine a Ghalschu air an 16mh den mhios seo chaidh airson pàirt den chuairt ‘Viva La Vida’ aca fhaicinn, far a bheil iad gu ruige seo air 159 consairtean a chluich ann an 25 dùthchannan, a’ cluich gu barrachd is 2 mhillean luchd-leanntainn. B’e a chonsairt seo an fhear as motha a rinn Coldplay a-riamh ann an Alba, agus a rèir Maighstir Martin fhèin, `s e an fhear as fheàrr a bh’ann cuideachd.

Cha d’ thàinig Coldplay fhèin air an àrd ùrlar gu ochd uairean feasgar, ach roimhe sin chùm a chòmhlan White Lies (fìor mhath saoilidh mi, ach is truagh nach robh mòran a dannsa riutha ach mi fhìn!) agus an uairsin an duine a tha `s dòcha nas ainmeile na duine sam bith eile ann an saoghal Rap agus Hiphop an dràsta, Jay-Z, toilichte sinn.

Nochd Coldplay anns an dorchadas, a’smèideadh lainnireagan air feadh an àite ri bùir draoidheil na h-Albannaich, is thòisich a’ chiad òran – ‘Life in Technicolor’. Bha measgachadh mhath ann tron oidhche de 24 òrain ùra a leithid ‘Viva La Vida’ agus ‘Violet Hill’ agus òrain nas sinne (ach a cheart cho ainmeil) coltach ri ‘Clocks’ agus ‘The Scientist’. Chaidh a chonsairt cuideachd a chlàradh airson prògram Rèidio a h-aon. B‘ e oidhche sgoinneil fhèin a bh’ ann. Bha mise nam sheasamh glè fhàisg air oir an stèids, agus uair neo dhà tron chonsairt cha robh mi ach mu dà mheatair air falbh bho Chris fhèin (nach b’ fhèarr leam an uairsin gun robh mo ghàirdeanan beagan nas fhaide, gus an glacainn e)! Bha spiorad mhòr aig an t-sluagh, agus chan eil mòran ann a tha coltach ri 40,000 neach a’ seinn còmhla…abair fuaim.

Chan e a mhàin an ceòl a bha a-mach-as-an-t-saoghal-seo. Am measg nan rudan annasach a fhuair sinn bha confetti dealain-dè, far an robh mìltean is mìltean de dhealain-dè air an sèideadh a-mach dhan t-sluagh. Sealladh air leth breagha. Bha ‘Mexican Wave nam fònaichean làimhe’, an dreuch fhèin air Billie Jean le Micheal Jackson, deuchainn-chluiche ‘X-Factor’ agus òran shònraichte le Jay-Z cuideachd air na cairtean. Thàinig balunaichean a-mach airson an t-òran ‘Yellow', agus bha e èibhinn dha rìreabh inbhich fhaicinn a leum mar chloinne gus ball buidhe a ghlacadh. Ach sin a bhuaidh a th' aig consairt a bha cho mìorbhaileach ri sin. Agus tron chonsairt gu lèir, thàinig a ghràdh a th’ aig a chòmhlan air an luchd-leanntainn aca thairis gu làidir, is Chris a’ faighneach iomadh uair an robh sinn ‘ceart gu leòr’. Tha mi a’ smaoineachadh gun d’ rinn sinn obair mhath ag innse dhà gun robh…

Ged a bha mo chasan sgìth aig deireadh na h-oidhche, cha d’ rinn e diofar dhòmhsa: Bha mi air oidhche air leth iongantach, ìnntineach agus spòrsail a chuir seachad còmhla ris a chòmhlan as fheàrr leam, agus chan eil mi air mo nàireachadh ag ràdh gun robh deòir nam shùilean an ath latha is mi ag èisdeachd ris a chonsairt a-rithist air Rèidio a h-aon.

Tha Coldplay a-nis a’ gabhail àm dheth, ach cluichidh iad ann an Aimearaga-Laidinneach an ath bhliadhna agus còmhraichidh sin deireadh a chuairt ‘Viva La Vida’. Ach thig iad air ais, tha mi cìnnteach, le clàr ùr làn òrain dhraoidheil an ceann beagan bhliadhnaichean, agus nuair a thig, nach dèan sibh cìnnteach gun tèid sibh a choimhead orra! Cha bhi briseadh dùil idir agaibh.

Le Eilidh NicDhonnchaidh

 

cold1

cold2

cold3