Afro


Maps
- Turning the Mind

’S e neach-ciùil James Chapman a tha a’ cleachdadh ‘Maps’ mar an t-ainm-clàraidh aige agus ’s esan a tha air chùl a’ chlàr ‘Turning the Mind’. Chaidh a chlàradh le Tim Holmes à Dirty Vegas agus chaidh an clàr a dh’fhoillseachadh air an 28mh latha den t-Sultain am bliadhna. Mar seo, tha e dìreach air tighinn a-mach agus ’s urrainn dhuinn seo a chluinntinn leis an seòrsa ceòl a th’ ann. Tha 13 tracaichean air agus tha iad gu math ùr ’s fionnar. ’S e seo an dàrna clàr aig Maps, agus nam bheachd-sa, am fear as fheàrr.

’S e ‘Turning the Mind’ an t-ainm a tha doctairean a’ toirt dhan dòigh a tha iad a’ cleachdadh airson inntinnean agus beathannan atharrachadh aig daoine gus am bidh iad a’ faireachdainn nas fheàrr. Tha na h-òrain air a’ chlàr mu dheidhinn rudan dhoirbh a tha daoine a’ dèiligeadh leis tron bheatha aca agus tha seo ceangailte ris na cuspairean air a’ chlàr. Tha na cuspairean ceangailte ri iom-oìbeachadh anns an eanchainn agus tinneasan a tha a’ tighinn bho seo.

Ag èisteachd ris a’ chlàr, mhothaich mi gur e ceòl dealanach a th’ ann agus bha an sgrìobhadair a’ cleachdadh a’ choimpiutair aige airson diofar èifeachdan a dhèanamh. Nam bheachd-sa, tha seo a’ toirt barrachd faireachdainn is gaoir dhan a’ cheòl.

Tha a’ chiad òran a’ còrdadh rium gu mòr. ’S e ‘Turning the Mind’ an t-ainm a th’ air agus tha e gu math tàladh. Tha e a’ toiseachadh slaodach agus air feadh an t-òran tha e a’ fàs nas fheàrr nuair a thigeadh buille a-steach, ach tha e fhathast gu math ciùin. Tha mi a’ smaointinn gu bheil buille mhath aig a h-uile òran air a’ chlàr. ’S e àireamh a trì am fear a tha a’ còrdadh rium as fheàrr agus ’s e ‘Let Go of the Fear’ an t-ainm a th’ air. Tha buille gu math faramach air agus tha e gu math tarraingeach leis na h-èifeachdan a tha e a’ cleachdadh.

’S e ‘Papercuts’ an t-ainm air àireamh a còig agus tha seo a’ tòiseachadh gu math slaodach is ciùin a-rithist. Tha faireachdain caran eagalach mu dheidhinn an fhuaim aig toiseach na h-òrain seo agus tha greis ann mus toisich a’ bhuille. An uairsin, tha e a’ dol a-steach gu fonn math is luath.

’S toil leam a’ chlàr seo air sgàth ’s gu bheil tòrr òrain air a dh’èisteachd ris agus tha feadhainn ann a tha gu math tarraingeach. Ach nam bheachd-sa, bhiodh e nas fheàrr nan robh barrachd atharrachadh ann air sgàth ’s gu bheil a h-uile òran caran coltach ri chèile. Tha na guthan gu math soilleir agus tha seo math air sgàth ’s gu bheil e nas fhasa na faclan a chluinntinn. Uaireannan, tha an guth ‘double-tracked’ a chur cudthrom air na faclan agus tha seo math.

Tha an seòrsa ceòl seo a’ còrdadh rium gu mòr, agus ann an dòigh, saoilidh mi gu bheil e caran mar am fuaim a th’ aig Calvin Harris. Tha mi a’ coimhead air adhart ri cluinntinn barrachd ceòl bho Maps agus na diofar rudan a nì e nuair a thig adhartachdan ann, ann an teicneolas.

Le Lìosa Moyes

 

 

m1

m2