Afro


Reic-tairgse air Loidhne agus Sàbhailteachd an Eadar-lìn

(Internet Auction Sites and Online Security)

eBay. Ciamar a tha an ‘jingle’ aca a' dol? O seadh, sin e: ”Buy it. Love it. Sell it.” Tha an dùil agam gum bi thu eòlach air eBay, làrach-lìn reic-tairgse uabhasach fhèin soirbheachail. Gun teagamh sam bith, `s e ‘eBay’ a th' anns an làrach reic-tairgse as motha ach a bheil fios agad mu dheidhinn an iomadadh làrach eile coltach ris far an urrainn dhut stuth a cheannachd agus stuth a reic?

a3Nuair a thòisich ‘eBay ann an 1995, `s e “AuctionWeb” a bh’ air. Cha d’ thàinig an ainm ’eBay’ ann gu 1997. Aig an àm seo bha e fada na bu lugha na tha e an-diugh agus, nam bheachdsa, bha tuilleadh baragannan ann: sna làithean seo tha sinn uile nas glice mu phrìsean agus càit an lorg sinn an stuth a tha sinn ag iarraidh. Cuideachd, nise, tha àireamh àrd de fìor bhùthan a tha a' cleachdadh eBay, bho bùth beag siuteis gu bùth mòr nàiseanta; tha e furasta faireachdainn gu bheil e air pàirt den charm aige (cothrom airson deagh bharagan!) a chall.

Ach, mar a thuirt mi, tha iomadh làrach eile ann – feuch www.cqout.co.uk no www.uk.ebid.net a tha ag obair san aon dòigh ri eBay. Ach tha làraich eile ann nach eil, ’Swoopo’, mar eisimpleir, a tha air an t-siostam aig eBay a chur cas mu seach agus `s e an tairg as ìosaile a bhios a' buannachadh. Feuch e ach bi faiceallach – a bharrachd air an tairg agad (a bhios thu a' pàigheadh ma bhuannaicheas tu) bidh thu a' pàigheadh cìs airson gach tairg a nì thu....agus b' urrainn do seo èirigh gu luath!

Tha làraich ann airson bathar sònraichte cuideachd, feuch Specialist Auctions ...tha an làrach seo a’ gabhail a-steach a h-uile rud bho biadh is deoch gu nappies ceart gu bather spioradail! Agus airson rud gu math diofraichte, cuir sùil air Bumble Bee Auctions a tha ag ràdh gur e làrach “UK Police Property Disposal” a th’ ann, ach chan eil mi fhìn ga chreidsinn…!

Mar sin, carson nach cuir thu sùil air na làraich seo? No lorg fear eile? The tòrr ann (faic Auction Lot Watch) 'S dòcha gu bheil deagh bharagan a' feitheamh ort!

Ach…dìon! Leugh seo an toiseach…!

Mus cuir thu d’ ainm do làrach sam bith – gu h-àraid fear far am bi thu a’ ceannachd rudeigin, dèan cinnteach gu bheil fios agad ciamar a chumas tu fhèin, agus an dearbh-aithne agad, sàbhailte. Dè am feum ann an deagh bharagan fhaighinn dìreach airson a bhith a' faighinn a-mach nas anmoiche nach b’ e làrach-lìn dìon a bh' ann agus gun d' fhuair cuideigin mì-onarach greim air fios pearsanta mu do dheidhinn?

Airson a bhith a’ seachnadh seo, dèan cinnteach gur e làrach-lìn tèarainte a th' ann. Ma `s e, lorgaidh tu glas-dùirn beag aig bonn na duilleige. Ma tha amharas agad idir, na cleachd an làrach.

Nise, thalla is lorg baragan!!

Le Bean a’ Chroiteir

 

 

 

 

a2

a1

a4