Afro


Goid Dearbh-aithne

Tha sinn a' fuireach ann an saoghal a tha loma-làn fiosrachadh pearsanta. Nach eil cunntasan againn uile le iomadh companaidh is buidheann? Bho National Insurance, àireamh CHI (siostam slàinte), cunntasan banca agus cairtean creidis gu companaidhean dealan, cunntasan fon-làimhe agus ceadan-dràibhaidh is siubal. Tòrr! Agus, chan eil sin a' gabhail a-staigh am fios a th' air an eadar-lìon mu ar deidhinn – smaoinich air an àireamh de làraich-lìn far a bheil thu air “sign up” a dhèanamh agus d' ainm is fios pearsanta a chur a-staigh.

'S dòcha gu bheil thu den bheachd gur e rud math a tha seo – fiosrachadh air a sgaoileadh air feadh an t-saoghail. Agus 's e, gu ìre…ach, gu mì-fhortanach, tha e furasda dha duine eile a bhith ga fhaighinn airson adhbharan mì-onarach. Feumaidh tu aithneachadh gur e bathar gu math luachmhòr a th' anns an dearbh-aithne agad agus an-dràst' tha tachartasan de ghoid dearbh-aithne a' fàs aig ìre eagallach.

Ach, dè th' ann an goid dearbh-aithne, co-dhiù? Uill, s e nuair a tha cuideigin a' cleachdadh d' ainm, là-breith, seòladh no fios sam bith eile mu do dheidhinn fhèin, gun chead, airson a bith a' faighinn bathar no seirbhisean air an son fhèin. Tha e furasda cuideachd. Chan eil iad feumach air dad ach fios beag mu do dheidhinn, ainm, seòladh, àireamh fòn, agus bhiodh litir oifigeil air a bheil d' ainm agus do sheòladh uabhasach feumail dhaibh.

Agus, dè nì iad? Tòrr sgrios! 'S dòcha gun cleach iad an cunntas bhanca agad airson stuth a cheannachd air an eadar-lìn, no flights no seòmar ann an taigh-òsda a chur air dòigh. Ach gu sònraichte, gheibh iad creideas bho bhanca san ainm agad, agus ma bhios sin a' tachairt tha deagh sheans ann gun dèan e cron mhòr air a' chliù-airgid agad. A barrachd air sin, bidh iad a' faighinn cead dràibhaidh, cead sìubhal agus pàipearan cudthromach eile agus gan reic no gan cleachdadh ann an tachartasan mì-laghail. Eagallach!

Mar sin, dè na dòighean as fheàrr a bhith a' seachnadh goid dearbh-aithne? Gu mì-fhortanach, tha seo doirbh ach seo rud no dhà a b' urrainn dhut dèanamh...

Cleachd shredder airson litrichean is eile air a bheil d' ainm agus fiosrachadh pearsanta eile (no losg iad san teine!)

Na gabh cead gu duine sam bith eile airson do chairtean bhanca a chleachdadh.

Dèan sgrùdaidh air an aithisg bhanca agad a h-uile mìos. Cuir fios dhan bhanca ma tha dad a' nochdadh air nach eil thu eòlach.

Na cum seann chunntasan. Mur nach eil thu gan cleachdadh, cha bhi thu a' cumail sùil orra agus mar sin chan aithnich tu ma bhios dad neo-àbhaisteach a' tachairt (mar cuidigein eile gan cleachdadh)

Feuch is na cur cus fios mu do dheidhinn fhèin air an eadar-lìon – tha seo doirbh, tha fios agam, ach nuair a tha thu a' dèanamh sign up, faighnich ort fhèin, “a bheil feum agam seo a dhèanamh?”

Tha an dearbh-aithne agad gu math prìseil, cum greim air mar a bhiodh tu a' cumail greim air na seilbh eile agad!

Le Bean a' Chroiteir

 

 

 

 

id1

id2

id3