Afro


Beetlejuice
- Film Clasaigeach na Mìos

Uill, ’s e an Dàmhair a th’ ann agus le Oidhche Shamhna a’ fàs oirnn gu luath bha mi den bheachd gum bu choir dhomh film eagalach spòrsail a lorg am mìos seo, agus dè film a tha nas eagalaiche no nas sporsaile na Beetlejuice bho 1988.

be3Anns an fhilm seo chì sinn dithis, Adam and Barbara Maitland, a bha air an pòsadh dìreach beagan seachdainean mus deach iad air am bàsachadh ann an tubaist uamhasach. Ach tha do bhàsaich iad gu riribh ’s lorg iad iad fhèin air ais anns an taigh ùr aca mar taibhsean. Ged is e leis an teaghlach yuppie a tha an taigh aca a-nis tha na Maitland’s a’ toirt orra fhèin an teaghlach seo a chur fo eagal leis an dùil gum bi iad a’ fàgail an taigh. Ach chan eil Adam agus Barbara eagalach mar taibhsean idir agus dh’fhàs an teaghlach yuppie nas measail air an taigh, leis an dùil gum b’ urrainn dhaibh airgead a dhèanamh bhon taigh mar ‘haunted house’. An-dèidh sin tha an spòrs ceart a’ tòiseachadh nuair a dh’fheuch Adam agus Barbara ri taic fhaighinn bho taibhs eile, Beetlejuice, a tha a’ reic na seirbheisean aige mar ‘bio exorcist’. Agus abair gu bheil Beetlejuice a’ dèanamh an gnothaich mar taibhs, an dà chuid cràicte agus cianail fhèin eagalach, agus ged a chuireas e eagal air an teaghlach yuppie fhuaras Adam agus Barbara fada nas motha na bha iad an dùil à Beetlejuice.

A thaobh na cluicheadairean tha Michael Keaton dìreach sgoinneil mar Beetlejuice, tha an coltas drabastachd, salach aige anns an fhilm seo gu math èibhinn agus uaireannan cho craicte tha e beagan do chreideanach. Feumaidh mi Winona Ryder a shonrachadh cuideachd mar an nighean aig an teaghlach yuppie. Nuair a bha mi nam ballach bha mi den bheachd gun robh i gu math tarraingeach anns an fhilm seo agus tha i a’ dol math leis am faireachdainn dorcha a tha a’ ruith tron fhilm air fad.

Agus san stiùireadh aig Tim Burton a tha am faireachdainn dorcha ud. Tha Burton gu math ainmeil a-nis airson na filmichean dorcha aige ach b’ e Beetlejuice aon dè na filmichean tràth aige. Tha an aon seòrsa faireachdainn a’ ruith tron fhilm seo ’s a tha ri fhaighinn sna filmichean eile aige mar Edward Sissorhands no Sleepy Hollow agus sanas don seòrsa stoidhle freagarrach a bha e a’ dol a cleachdadh sna filmichean mar A Nightmare Before Christmas, ach an seo canaidh mi gu bheil e fhathast a’ cluich leis na faireachdainn ud agus chan eil e cheart cho math leis na filmichean a b’ ainmeile aige, ged a tha Beetlejuice fhathast math.

’S e film a tha air leth spòrsail a th’ ann an Beetlejuice, làn ris an dà chuid, fealla-dha freagarrach agus còmhradh èibhinn agus glic. Ged a tha e ma dh’fhaoidte nas freagarraiche airson cloinne nas sine, Tha mi den bheachd gur e am film seo an dearbh rud a tha dhìth ort nam biodh tu a’ smaoineachadh mu dheidhinn partaidh Oidhche Shamhna a chur air dòigh am bliadhna!

4/5

Le RPP

 

be1

be2

be4