
District 9
Tha sgaradh mòr ann eadar na buidhnean do dhaoine a th’air am film seo fhaicinn. Tha feadhainn ann a tha smaointinn nach b’ fheuch e a phòll. Tha iadsan ag ràdh gu bheil an CGI gar cur dheth, gu bheil an obair chleasaiche robach agus gu bheil an sgriobt làn do dhroch fealla-dhà. Ach aig an aon àm tha feadhainn ann a tha ag ràdh gur e ’District 9’ am film Sci-Fi as fheàrr bhon a thàinig ’Aliens’ a-mach agus chan fhaigh thu moladh nas fheàrr na sin!
Tha am film a’ fosgladh le Johannesburg fo sgàil soitheach-treamain agus ann an sreath chriomagan bho programan naidheachd tha sinn ag ionnsachadh ciamar a nochd e os cionn am baile sa chiad àite agus ciamar a thàinig mìltean do chreutairean leis am far-ainm “Prawn” shìos gu talamh troimh chuideachadh bhon riaghaltas ann an Afraga a Deas.
Cuide ri mar a thàinig iad gu talamh tha sinn a’ faighinn a-mach de tha na daoine a bh’ ann an Johannesburg mus d’ tàinig na Prawns a’ smaointinnn orra. A-nist seo am pìos fiosrachadh a tha dealachadh ’District 9’ bhon a chuid mhòr do Sci-Fi’s le treamain...
Chaidh ’District 9’ a thogail timcheall air film eile a rinn Neill Blomkamp, film goirid leis an t-ainm “Alive in Joburg” agus faodaidh tu sin fhaicinn air youtube. Chan eil e ach goirid ach tha e a’ dèanamh colas math eadar creutairean a tha tighinn gu talmhainn bho planaid eile agus daoine bho Nigeria agus a’ sealltainn cho dona sa bha na daoine geala gu na h-Afraganaich aig amannan apartheid. Tha seo fhathast a’ cluich pàirt mhòr ann an District 9 agus `s e seo a tha dèanamh an dealachadh eadar seo agus na mìltean do dh’fhilmichean sci-fi a tha croichte air CGI agus tha e a’ toirt oirnn a bhith faireachdainn airson na Treamain aig an aon àm ri bhith cuimhneachadh de thachair dhaibh ann an Johannesburg san saoghal fìor!
Cuideigin eile a bha an sàs ann an “Alive in Joburg” `s e Sharlto Copely agus tha esan a’ cluich Wikus ann an District 9. Bhon a’ chiad turas a nochd e air an sgrìn shaoil mi gu robh e a’ feuchainn air a’ phàirt aig Murray Hewitt (bho Flight of the Conchords) a chluich agus gu ìre mhath dh’obraich e!
`S e caractair gòrach a th’ aig Wikus aig an toiseach ach tha feum aige coimhead airson an gaisgeach a tha air falach àiteigin am broinn a chridhe airson e fhèin a shàbhaladh bho mac an duine às dèidh tubaist le stùth cheimigeach nan treamain.
Tha na builean math agus ged nach eil an sgeul sònraichte mhath, tha e stèidhichte air bonn fìor a tha a’ dùsgadh tòrr smuaintean politigeach. Chan aithnich thu duine a th’ anns am film seo a chionn `s nach eil iad air sian a dhèanamh ron a seo ach tha iad uile math air na pàirtean aca a chluich. Tha Peter Jackson a cur taic ris an obair aig Blomkamp agus le deagh adhbhar... airson a’ chiad oidhirp aige tha ’District 9’ uabhasach math!
3.5/5
Le Cailean Collier



