Afro


The Invention of Lying

Mu Dheireadh thall, seo agad a’ chiad film aig Ricky Gervais!

Tha bliadhnaichean air a dhol seachad bhon a dh’èirich Ricky Gervais gu ìre chleasaiche ainmeil an toiseach… `S e Gervais a rinn the Office, Extras agus ioma chuairt nàiseanta le còrr is trì consairtean Stand up aige! Chan eil a h-uile cleasaiche air nochdadh anns na Simpsons nas motha! Bheir sùil sir BBC 3 agus chì thu iomadh “cleasaiche chomadaidh” nach fhaigh sian nas fhaide na a’ chiad sreath air BBC 3 ach tha an obair aig Gervais cho ainmeil gu bheil daoine mar Ben Stiller agus Samuel L Jackson air tighinn thall bho Ameireaga airson a bhith anns an darna sreath phrògraman aige “Extras.”

l5`S e rud doirbh a th’ ann airson cuideigin a bhith briseadh Breatainn ach `s e rud eile a th’ ann a bhith briseadh Ameireaga… dìreach faighneachd do Robbie Williams!

Ann an agallamh air BBC Radio One, bhruidhinn e fhèin agus an co-sgrìobhadair, Steven Merchant, air ciamar a bha iad a’ smaointinn air na dreuchdan aca anns an fharsaingeachd agus ciamar nach robh iad air cabhag a dhèanamh leis a’ chiad film aca idir… Smaoinich air Mitchell and Webb agus am film aca “The Magicians”... nach eil cuimhn’ agad air? Tha sin a chionn `s gun d’ rinn iad am film ro luath agus cha deach an buidsead sanasachd aca nas fhaide na bhith pàigheadh airson taobh bus agus chan e taigh-dhealbh fiù `s!

Tha “The Invention of Lying” stèidhichte ann an saoghal far nach urra do dhuine sam bith a bhith innse breugan, `s tha a h-uile duine ag innse an fhìrinn fad an t-siubhal. Aon latha tha Gervais ag innse “breug” neo a chionn `s nach eil facal aca airson sin fhathast “thuirt e rudeigin nach robh.” Chan eil fios aig duine gun urra do dhuine a bhith ag innse breug agus mar sin tha e faighinn air falbh leis. Ann an saoghal mar seo, tha e tighinn thuige gum faod e rud sam bith a dhèanamh leis an cumhachd ùr tha seo agus bho sin a-mach tha e a’ toirt an uallach air a’ bheatha aige fhèin a chàradh agus cuideachadh a thoirt dha na daoine a tha timcheall air.

Aig an toiseach tha e soilleir gur e an comadaidh sònraichte aig Gervais a tha sinn a faighinn… Tha a h-uile duine a cantail an dearbh rud a tha iad a’ smaointinn agus bho sin tha sinn a’ faighinn deagh ghàire. Sin an seòrsa comadaidh a thionnd David Brent bho manaidsear-oifis ann an Ipswich gu Icon-chomadaidh agus `s e sin a thug Gervais an cothrom a bhith dèanamh filmichean ann a Hollywood… seo far a bheil mise a smaointinn gun deach e ceàrr.

As dèidh toiseach làidir tha sinn a’ faighinn an “Hollywood Treatment” agus dh’fhaodar do chleasaiche sam bith a bhith dèanamh an obair aig Gervais. As dèidh dhuinn a bhith feitheamh cho fada airson a’ chiad film aige `s e seòrsa do bhriseadh dhùil a th’ ann an “The Invention of Lying”. Tha mi an dòchas gu bheil e feuchainn ri sealltainn dha na riochdairean ann an Hollywood gun urra dha film sàbhailte a dhèanamh agus gum faigh sinn am film ceart aige an ath thuras.

`S e tàlant sònraichte a th’ ann an Gervais agus tha e truagh gun do thachair seo dhan film aige.

3/5

Le Cailean Collier

 

l1

l2

l3

l4