
Up – 3D
Seo a’ chiad film 3-D a chunnaic mi riamh agus mar sin bha mi deiseil airson “experience” ùr agus bhon a’ chiad tràilear bha mi air bhioran! Bha an tràilear airson “John carter of Mars” agus bha sinn a’ faicinn plèanaichean a’ sabaid an aghaidh a chèile. Cha robh an sèithear as fheàrr agam idir agus mar sin cha robh mi a’ smaointinn gun obrachadh e cho math sa bha mi an dùil ach bha e dìreach mìorbhaileach! Tha mi air fàs cleachdte ri bhi coimhead air aon dealbh tana ach le seo b’ fheudar dhomh coimhead sìos, suas agus timcheall air an sgrìn mhòr.
A’ coimhead air an tràilear sin, dh’fhàs an smiogaid agam lag, thuit an teanga agam a-mach agus ruith beagan smiogaid shìos dhan phopcorn agam. Abair sealladh! Bha mi a’ tuiteam ann an gaol le 3-D agus cha d’ thug e fada mus robh mi smaointinn dè cho math sa bhitheadh film mar Top Gun ann a 3D?!
Nuair a ghluais mi mo cheann bho thaobh gu taobh ghluais an dealbh beagan cuideachd chun an ìre a bha mi a faireachdainn gu robh mi a faicinn a-steach dhan dealbh. Thog an 3-D an film a bha math mar tha gu film a bha uabhasach math! Chan eil diog ann far nach eil rudeigin math ann ri fhaicinn air an sgrìn mhòr. Nuair nach eil an sgeul a’ cluich le na faireachdainnean agad, agus nach eil thu smaointinn de an ath rud a thachras, chì thu dealbhaireachd sònraichte math a chumas gàire neo bus ort fad tron fhilm.
Tha aon rud cinnteach. Tha an co-obrach eadar Disney agus Pixar air film sgoinneil eile a chur ri chèile! Bhon a thàinig Toy Story a-mach tha na filmichean aca air siar fàs nas fheàrr agus chan eil “Up” na bhriseadh dùil do neach sam bith.
Tha sinn a’ leantainn balach òg le ùidh mhòr ann am plèanaichean agus soithichean-adhair agus tha sinn a’ siubhal còmhla ris tron a bheatha suas chun an-latha-an-diugh agus ged a tha e a’ fàs sean tha an aon chridhe aige le na h-aon amasan agus na h-aon ùidhean. Chan eil seo soilleir dhuinn suas chun a mhionaid nach eil taghadh sam bith eile aige ach a bhith fàgail an dachaigh agus tha e a’ dèanamh suas a inntinn a dhol air turas mhòr a dh’Ameirigea a Deas.
`S e sgeul sònraichte a tha seo a tha a tòiseachadh gu math laghach agus “cute” agus dìreach nuair a tha thu a’ smaointinn gu bheil e air slaodadh sìos gu sgeul brònach tha balach òg a’ nochdadh aig an doras aige agus tha an sgeul a’ togail astair gu film làn ghàire, cunnart, gràin, gaol agus càirdeas. Barrachd na aon turas shaoil mi gu robh “Up” gu math coltach ri iris chartoon don sreath aig Indiana Jones.
Chòrdadh am film seo leis a h-uile duine. Chuir e gàire air an seann agus òg a chunnaic e còmhla rium agus geallaidh mi ribh gum fàg thu an taigh-dhealbh toilichte gun deach thu ann (ach ma tha thu ag iarraidh beagan fois dèan cinnteach gun tèid thu gu sealladh anmoch far nach eil na teaghlaichean ag argamaid!)
4/5 ann an 2D neo 5/5 ann an 3D!
Le Cailean Collier



