Afro


Ionad streip “Ice Factor”
Ceann Loch Lìobhann

Tha fàilte ron a h-uile duine anns an Ice Factor Ceann Loch Lìobhann, agus sin an rud as fheàrr mu a dheidhinn. Bho chupa cofaidh agus pìos cèic, pizza no burger, pinnt no dìreach coimhead gu streap air creig no dèigh, thig a-steach! Chan eil e gu diofar mur a rinn thu streap a-riamh, bidh cothrom agad rudeigin fheuchainn sa bhad. Tha an luchd-oide uabhasach snog (agus pìosail!), cuideachail agus uabhasach proifeiseanta! Ma chuireas tu romhad feuchainn ri streap, gheibh thu fear (no tè) dhut fhèin no don bhuidheann agad, agus seallaidh iad dhuibh a h-uile rud. Gheibh thu a h-uile uidheam a dh'fheumas tu air iasad agus seallaidh iad dhut ciamar a chuireas tu ort e, ciamar a nì thu na snaidhmean ceart san ròpa agus ciamar a tha an streap fhèin ag obrachadh. Agus às dèidh streip no dhà bidh sibh comasach air coimhead às a chèile gu sàbhailte.

ice3Ach tha an Ice Factor diofraichte bho ionadan streip eile. Chan ann dìreach gun tig aon de na ballaichean a-mach 60° airson streapadairean adhartach, ach cuideachd gu bheil am balla deighe as motha ann am Breatainn an seo far an streap daoine air an dèigh le làmhagan-dèighe agus bòtannan le bioran orra. Tha e a' coimhead mar reodhadair mòr, mòr le uinneagan. Feumaidh mi ràdh nach do dh'fheuch mi sin a-riamh, ged a bha mi ann 20 tursan co-dhiù, agus `s e as adhbhar gu bheil e beagan daor. Tha e ceart gu leòr ma tha eòlas agad air streap air dèigh, ach mur a h-eil, feumaidh tu neach-oide a ghabhail, agus tha sin daor ma tha thu leat fhèin. A bharrachd air sin tha gàradh àrd ròpannan agus Luaisg iongantach mòr (giant swing) a-muigh a tha a' coimhead uabhasach tarraingeach.

Nise, na prìsean. Chanainnsa gu bheil iad glè reusanta san fharsaingeachd. Gun teagasg cha chosg e ach ₤9 airson streap fad an latha, agus ma tha fhios agad gun tig thu gu tric `s fhiach e a bhith nad bhall airson ₤10 sa bhliadhna agus an uair sin gheibh thu a-steach airson ₤6.50 a-mhàin.

Ma chòrd e riut agus lorg thu cur-seachad ùr dhut bidh bùth an Ice Factor a' rèic a h-uile rud a dh'fheumas tu airson streip agus cur-seachadan a-muigh. Tha an taghadh agus a' chomhairle àraid agus na prìsean glè mhath.

Mar a thuirt mi, chan e streap a-mhàin a nì thu an sin. Tha cafaidh snog ri taobh nam ballaichean, agus nuair a tha thu a' slùbaich an latte agad chì thu oidhirp dhaoine eile a' dol suas ballaichean, a' tuiteam (na gabh dragh, tha na ròpannan sàbhailte), a' feuchainn rudeigin doirbh iomadach turas gus an soirbhich iad. Tha na cofaidhean agus am biadh uabhasach blasta agus an cafaidh cofhurtail. Tha taigh-seinnse shuas an staidhre far am faighear biadh air an oidhche agus deochan bhon bhàr. Tha an t-àite làn dhealbhan de bheanntan, streapadairean, mapaichean agus tha fiù `s teine fiodha anns an oisean.

Ma thig thu a-steach bhon ‘Slighe na Gaidhealtachd an Iar’, bog fliuch air là samhraidh air a' Ghàidhealtachd, bidh fàilte romhad an sauna agus seòmar-ceòtha a chleachdadh. Tha na frasan teth is làidir is fhiach iadsan fhèin a-mhàin cèilidh air an Ice Factor.

San fharsaingeachd, `s e àite sgoinneil a th' ann le tòrr ri dhèanamh, daoine snoga, suidheachadh cofhurtail is càirdeil agus a h-uile rud ann an teis-mheadhan na Gàidhealtachd.

5 rionnagan à 5!

Le Janni Diez

 

ice1

ice2