Triathlan
Cha do chreid mi a-riamh nuair a thòisich mi air triathlan am bliadhna seo, gun tig soirbheachas beag aig deireadh an t-season ann an ‘Ceann Loch Gilp’, agus an spòrs ùr, cruaidh seo làn cho-fharpaiseach deatamach agus comasach.
Chuir mi romham a thòiseachadh an dèidh dhomh brosnachadh fhaighinn bho caraid – a bha Gaisgeach na h-Èirinn ann an 2008 - is den bheachd gum biodh e math dhomh, is fios agam gum biodh e na dhòigh mhath gus smachd a chumail air mo chuid chudthrom agus a’ cumail fallain aig trichead bliadhna a dh' aois.
Tha triathlon dèante de snàmh, rothaireachd, agus ruith, le astaran eadar-dhealaichte a-rèir na seòrsa cho-fharpais a th' ann - Sprint, Olympic, no Ironman - no ma bhios tu a' tòiseachadh, Novice. A bharrachd air seo, faodaidh an snàmh a bhith san amar-snàimh no sa mhuir. A' fàs nas luaithe na spòrs ar bith eile san t-saoghail, tha e a' tarraing co-fharpaiseach bho na trì sgilean agus, ged a tha buannachd beag acasan a tha air a bhith nan rotharaiche bho thùs, faodaidh smachd a bhith aig co-fharpaiseach air gach spòrs gus àm math a chlàradh.
Bha rothaireachd an còmhnaidh a' còrdadh rium ach, leis an fhìrinn innse, nuair a bha fios agam gun robh agam ri snàmh, no ruith, air là sònraichte, bha mi a' fàs caran sgìth nam inntinn. Innsear a' mhòr chuid de dhaoine an sàs ann an triathlon gu bheil iad a' strì san amar-snàimh, agus a dh' aindeoin uairean ag obair air alt, 's tric gu bheilear faireachdainn nach tig piseach ar bith air. Chan eil e a' còrdadh rium nas motha a bhith a' dean-ruith, agus uaireannan sa gheamhradh, tha e cho duilich an taigh fhàgail airson trì uairean air rothar san fhuachd is uisge. Mholainnsa do dhaoine ar bith a tha airson triathlan fheuchainn buidheann a chleachdadh, gus an dà chuid brosnachadh, agus misneachd fhaighinn nuair a thigeas an sgìth.
'S e na rèisean fhèin a bhios a' toirt cuimhne do na co-fharpaiseach carson a bhios iad a' trèanadh fad na bliadhna, a' toirt cothrom dhaibh an cuid sgilean a thòimhseachadh an aghaidh an uaireadair. Agus nochd rud eile dhomh: chan eil an spòrs seo glèidhte do mhuinntir a tha còmhdaichte le fèithean agus làn dhìmeas do dh'iadsan nach eil cho soirbheachail. Tha triathlon, gu h-ùrachail, na spòrs a tha fosgailte do dh'uile. Chìtheadh aig Drochaid an Easbaig màthraichean, agus a' chathair chloinne fhathast air an rothair aca; bodaich a tha air seann rothair monaidh fhaighinn bho charaid, agus e fada ro bheag, gus an cùrsa a chrìochnachadh. Tha triathlan, Novice no Ironman, na dheuchainn an spioraid.
Nuair a chuala mi mu dheidhinn triathlan airson na ciad turas, smaoinich mi gu b' e cràdh a bh' ann, chan e spòrs. A' gabhail pàirt, bha mi den aon bheachd, is mi ag iarraidh an searadair a thilgeil a-steach an dèidh dhomh snàmh. Nuair a chaidh mi tarsainn air an loidhne anns an treas àite sna fìr (senior) sa chiad season agam ann an ‘Ceann Loch Gilp’, lìon e mi le pròis, agus rinn e dhomh spòrs na bheò-ghlacadh.
Ma bhios sibh ag iarraidh barrachd fiosrachadh air triathlan, bric air a’ cheangail seo: Triathlan
Le Daibhidh Rothach


