Afro
SGRÌOBHADAIREAN SGLEOG

eilidh2

Deasaiche Sgleog

Ainm: Eilidh Sgaimeal
Cò às a tha thu? Inbhir Nis

Biog: `S mise Deasaiche Sgleog. Tha mi fileantach sa Ghàidhlig agus `s e fìdhlear a th' annam le ceum ann an Gàidhlig agus Ceòl Tradaiseanta bho Sabhal Mòr Ostaig.
Rinn mi cuideachd ceum le urram ann an Dealbhachadh Graificeach aig Oilthigh Choventry agus leis a seo b' e Dealbhadair Graificeach agus Neach-togail-dhealbh ag obair air mo cheann fhèin a bh' annam fad iomadach bliadhna ach tha mi a-nis ag obair làn thìde nam Deasaiche Susbaint airson Cànan `s a' fuireach san Eilean Sgitheanach.
Tha ùidh mhòr agam ann an Ealain, Ceòl, Dealbhachadh agus Film.

alasdair

Ainm: Alasdair Crow
Cò às a tha thu? Dolair

Biog: `S ann bho baile beag a tha mi sa' mheadhan na h-Alba agus mar sin cha robh Gàidhlig agam bho thus, ach rinn mi m' inntinn suas gun robh mi 'son a' chànan ionnsachadh aig an t-Sabhal Mhòr. A-nis tha mi a' dol a-steach dhan dàrna bliadhna 'son Gàidhlig is Leasachadh a dhèanamh. Nuair nach eil mi ann an clas `s fhìor thoil leam a bhith a' coiseachd agus a' dol mun cuairt air an rothair. As dèidh a' cur crìoch air an ceum agam tha mi 'n dòchas gum bi mi nam thidsear àrd-sgoil Ghàidhlig anns a' Ghàidhealtachd an àiteigin .


claire

Ainm: Bean a' Chroiteir
Cò às a tha thu? Slèite

Biog: Ag obair air mo cheann fhìn, a' fuireachd air croit le teaghlach òga, 4 coin, crodh is caoraich. 'S toigh leam ceòl, ball-coise, F1 agus a' sgriobhadh, a' leughadh agus a' togail dealbhan. 'S toigh leam trainers uaine a bhith agam. Cha toigh leam duine mi-mhodhail agus is beag orm gainmheach! Tha ùidh mhòr agam ann an cùisean uaine. Tha mi a' creidsinn gu bheil e cudthromach a bhith a' gaireachdainn co-dhiù dà thrup gach là! Siuthadaibh, feuch e! Dh'ionnsaich mi Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Sabhal Mòr Ostaig.

cailean

Ainm: Cailean Collier
Cò às a tha thu? Smercleit / Glaschu

Biog: Cuideigin a bhitheas a' dol dhan taigh-dealbh leis a h-uile saor mionaid a h-aige. Nuair nach eil e ag obair airson MNE ann an glaschu, 's nach eil e a' cluich ball-coise, a-muigh leis na coin neo a' siubhal a dh'aite a choireigin air a' bhaic aige bidh e a' coimhead filmichean... neo ag ithe! 'S fior thoil leis a bhith ag ithe comhla ris a h-uile sian a' sgriobhte ron a seo. Bidh e cuideachd a' cur seachad fada cus uine air facebook agus a nist bidh e daonan a' bruidhinn ma dheidhinn fhèin anns an treas dhuine.

Na gabh drogaichean.


Ainm: Daibhidh Rothach
Cò às a tha thu? Cill Fhinnean, Siorrachd Air

Biog: Tha mi trichead bliadhna a dh' aois, agus tha mi air a' mhòr-chuid de na bliadhnaichean seo a chur seachad ann an Siorrachd Air.
`S e innleadar a th’ annam mar cheàird, agus bidh mi a' cleachdadh seo thall thairis, ag obair san Isealtir agus Astrailia.
Tha mi a' trèanadh airson triathlon, a' cur seachad timcheall air ceithir uair deug san t-seachdain air an rothar, san amar-snàimh, no a' ruith. Mura bheil mi a' trèanadh, `s ann air na h-abhnaichean no lochan Shiorrachd Air a tha mi, a' feuchainn ris a' bhradain is bric a ghlacadh. Chan eil mi a-riamh cho soirbheachail.

joanne

Ainm: Joanne Stephen
Cò às a tha thu? Blàr Athall

Biog: ’S ann à Blàr Athall, Siorrachd Pheairt a tha mi agus rinn mi ceum ann an Cànan agus Litreachas na h-Alba aig Oilthigh Obar Dheathain, anns an robh Gàidhlig na pàirt mòr. Rinn mi a’ chùrsa Tbh aig an t-Sabhal Mhòr, a’ dèanamh greis gnìomhachas aig a’ BhBC ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. Tha mi a-nis stèidhte ann an Inbhir Nis, far am bi mi ag obair mar Oifigear Susbaint na Gàidhlig, a’ dèanamh eadar-theangachadh agus dearbhadh agus a’ toirt seachad comhairle mu chuisean dà-chànanach do luchd-obrach eile aig OGE.


lisa

Ainm: Lisa Moyes
Cò às a tha thu? Baile Màiri

Biog: Tha mi fichead bliadhna a dh’aois agus thòiseach mi ag ionnsachadh Gàidhlig san siamh bliadhna san àrd sgoil. Bidh mi a’ cluich na fìdhle agus tha mi a-nis a’ dèanamh an cùrsa ciùil aig Sabhal Mòr Ostaig agus a’ dol a-steach dhan treas bhliadhna. Tha ùidh mhòr agam ann an ceòl, cuirmean-ciùil, fèisean, ealain is spòrs.

 

roddy

Ainm: RPP
Cò às a tha thu? às a h-uile àite

Biog: Fichead sa sia bliadhna a dh'aois, `s fhathast ann, feum `s gu bheil mi a' dèanamh ruideigin ceart! `S toil leam a' Ghàidhlig gu mòr `s tha mi an dòchas gum bith sibh measal air mo chuid sgrìobhaidh.

 


steafan

Ainm: Steafan Risnidh
Cò às a tha thu? Bruach Tatha, Dùn Dèagh

Biog: Tha mi ag obair nam eadar-theangair aig Cànan agus a' fuireach san Eilean Sgitheanach ach `s ann à Bruach Tatha ann an Dùn Dèagh a tha mi. An deach thu fhèin ann riamh? Tha an dùthaich mun timcheall air eireachdail brèagha, 's faodaidh gu leòr a dhèanamh airson cur-seachadan, agus cha leig thu leas do shaoghal a chosg airson sin. Teanas an asgaidh, goilf airson corra sgillinn, seòladh air Linne Tatha...
San dealachadh, innsidh mi dhuit gu robh mi ann an Iapan gus bho chionn ghoirid, agus seo dealbh dhìom as t-earrach thall an sin.