Afro


Dòighean ùra gèama rugbaidh a chall!

Bha e cho dòchasach airson a’ chiad 70 mionaid ... is an uair sin, chaidh a h-uile rud gu sgrios mar thoradh air mearachdan, cion chluicheadairean air a’ phàirce, agus droch rèitire cuideachd, ma dh’fhaoidte! Rinn a’ Chuimrigh a’ chùis air an sgioba rugbaidh againn 31-24 ann an Cardiff.

Chaill sgioba gorm na h-Alba an darna geama aca ann an Co-fharpais nan Sia Dùthchannan. Ach ciamar fon a’ ghrèin a chaill iad?!? Ged a tha sinn cleachdte ri sgioba ball-coise na h-Alba a bhith a’ tighinn faisg air a’ chùis a dhèanamh ach a’ fàiligeadh aig a’ mhionaid mu dheireadh, thug na balaich rugbaidh an ‘sgil’ sin gu ìre fada, fada nas àirde. No nas ìsle?

Fhuair John Barclay agus Max Evans tarsainn air an loidhne airson ‘try’ sa chiad phàirt den gheama. Bha Dan Parks air ais anns an sgioba is a’ coimhead cho math is a bha e riamh leis a’ bhròig, agus cha robh na Cuimrich idir a’ cluich gu math.

Ach, a dh’aindheoin cho dòchasach is a bha cùisean an toiseach, chaidh rudan ceàrr gu luath. Chaidh Crìsdean Mac Phàdraig a bhualadh is a ghoirteachadh gu dona, is tha esan fhathast anns an ospadal le dubhag ghoirt.

Ach b’ e an rud as miosa a thachair do Thom Evans. Bhuail e ann an Lee Byrne (is cluinnidh sinn barrachd mu dheidhinnsa fhathast!) faisg air deireadh a’ chiad leth den gheama .... is laigh e air an fheur, gun a bhith a’ gluasad idir, airson greis gu math fada. Bha dotairean is nursaichean is eile uile mu thimcheall, agus bha e follaiseach gur e droch thubaist a bha ann.

Gu fortanach, tha sinn air cluinntinn gu bheil e a-nis a’ gluasad a làmhan is a chasan, às dèidh dha ‘operation’ fhaighinn air amhach oidhche Shathairne. Smaoinich cò ris a bha e coltach airson a bhràthair, Max, a bhith a’ cumail air a’ cluich is fios mar sin na inntinn?

An uair sin, chaill na h-Albannaich Rory Lamont le droch ghlùn ... dè eile a dh’fhaodadh a dhol ceàrr? Bha iad fhathast 24-14 air thoiseach is deich mionaid air fhàgail. Ach, co-dhiù no co-dheth, lorg iad dòigh eile, ùr, uabhasach cur às dhaibh fhèin.

Fhuair Scott Lawson cairt bhuidhe (is bha e àiridh air), agus às aonais, tharraing na Cuimrich seachd puingean nas fhaisge. An uair sin, leum Phil Godman is Lee Byrne airson grèim fhaighinn air a’ bhall. Thuit Byrne mar gun do losg cuideigin air, agus fhuair Godman cairt dhearg! ’S e sgaineal a bha ann! Chuir Stephen Jones am breab peanais gu soirbheachail is bha na sgiobannan co-ionnan aig 24-24.

Is an 80 mionaid seachad, cha robh aig na h-Albannaich am ball a chur a-mach às a’ phairc ... ach cha do chuir idir! Bhiodh sin ro fhurasta! Bha mi ga choimhead aig an taigh, is na corragan agam mar sgàile air mo shùilean! Bha làn fhios agam dè bha dol a thachair.

Is dà chluicheadair a-bharrachd air an raon-cluiche, chùm na Cuimrich am ball a’ gluasad gus an robh an teansa mu dheireadh aig Shane Williams dòchas nan Albannach a mharbhadh. Ach dh’fhaodadh e a bhith na bu mhiosa .... dh’fhaodadh gun robh sinn a’ cluich an aghaidh nan Sasannach!

Le Gòrdan Camshron

Dèan deasbaid air:
Abar Thusa Facebook