Bèicearachd - Foileagan
Gun teagamh, tha na làithean a’ fàs nas fhaide mar thà, ged nach e ach A’ Ghearrain a th’ ann. Ach tha mòran làithean againn fhathast a tha fuar is fliuch is dorch is…uill, dìreach grod. So, dè bhios a’ cuir teicheadh air ar droch thruim ach pìos no dhà bèicearachd bhlàsta!
Nam bheachdsa, chan eil càil cho math air là geamhrachail ri cupa tì le pìos cèic, no bonnach no rudeigin beag mìlis a rinn thu fhèin an taca ris an teine. S e Dimàirt Inid a th’ ann an seachdainn seo, deagh leisgeul airson baidse mòr foileagan a dhèanamh suas…
Mus toisich sinn, seo tip no dhà airson bèicearachd san fharsaingneachd:
1.) Nì do làmhan!
2.) Dèan cinnteach gu bheil na grìtheidean (ingredients) uile agad – tha seo caran bunnaiteach! Chan eil càil cho dona ri faighinn a-mach nach eil rud air choireigin agad is tu às dèidh tòiseachadh!
3.) Gheibh a h-uile rud air a bhios tu feumach a-mach mus tòisich thu. Tha seo a’ gabhal a-staigh uidheam cuideachd – bòbhla, span-fhiodha, sìolachan (sieve), pana no bann-sorn (griddle) is mar sin. Tha seo gu math agus cha bhith feum agad a bhith a’ sporghail tron phreas a h-uile dà dhiog.
4.) Ma bhios tu a’ cleachdadh na h-àmhainne, cuir e air aig a’ chiad dol-a-mach gus am bi e teth gu leòr.
Deiseil? Glè mhath…Nise, tha iomdach dòighean ann airson foileagan a dhèanamh. Tha mise às dèidh leth dusan fheuchainn thar na bliadhnaichean agus seo am fear as fheàrr leum…
Grìtheidean
2 chupa min àbhaisteach (gun raising agent)
ullag de salann
¾ cupa siùcar bèicearachd (caster)
2 ugh
1 spàn-bùird pùdar bèicearachd
bainne
1 spàn-bùird sìorap òr
Dòigh
Crith am min tron sìolachan. Cuir an siùcar, pùdar bèicearachd agus salann ris. Measgaich còmhla iad.
Dèan toll sa mheadhan. Dort na h-uigheann agus an sìorap a-staigh. Measgaich a-rithist. Cuir BEAG BÌODACH de bhainne ris agus measgaich. Dèan seo a-rithist agus a-rithist gus am bi batter tiugh agad. Chan eil agad ris am batter fhàgail, ach ma dh’fhàgas tu e airson leth uair a thìde bidh e nas aotroime.
Le pana no bann-sorn air an stòbh cuir an teas air – tha thu ga iarraidh aig ìre teth ach chan ann ro theth – can ìre 4. Sgaoil pìos ìm gu math beag air feadh a’ phana agus às dèidh greis bheag leig às beagan den bhatter air a’ phana. B’ urrainn dhut ‘s dòcha ceithir a dhèanamh aig an aon àm. Nuair a tha mòran bùballan air nochdadh air mullach an fhoileag, tionndaidh e a’ cleachdadh spaideag. Fàg e gus am bi am bonn òrach is an uair sin tog bhon phana e. Bris no fosgail am foileag airson a bhith cinnteach gu bheil e deiseil sa bhroinn. Ma tha iad ro dhorch no mur nach eil iad deiseil ceartaich teas an stobh agus toisich leis an ath ceithir. Bidh thu feumach air beagan ìm a bharrachd.
Ith iad nuair a tha iad fhathast blàth le ìm, sìlidh no dad sam bith a thogras tu! Mmmm…blasta! Le faileadh cho tarraingeach ri sin bidh loidhne charaidean aig an doras mus do nigh thu na soitheachean!
Le bean a’ Chroiteir




